Outer Hebrides LEADER

Mu LEADER PDF Print E-mail

Tha LEADER a-toirt taic do leasachadh dùthchail a thig dìreach bhon choimhearsnachd tro bhith a’ buileachadh ro-innleachd leasachadh dùthchail ionadail. Thèid prìomhachas a thoirt do phròiseactan beag coimhearsnachd a tha an dà chuid ùr agus air an gabh leudachadh.


‘S e amas gach prògram LEADER dòigh ùr, amalaichte air leasachadh dùthchail a libhrigeadh a bhrosnaicheas leasachadh ann an coimhearsnachdan dùthchail na h-Alba.

Bidh seo air a’ choileanadh le Buidhnean Gnìomh Ionadail (LAGs) le bhith a leudachadh comas na coimhearsnachdan dùthchail ionadail agus lìn-obrach gnìomhachais le bhith a’ leudachadh sgilean agus eòlas, agus a’ brosnachadh dòighean ùr is co-obrachadh gus prìomhachasan leasachadh ionadail a choileanadh

Tha LEADER a cleachdadh 5% de dh’ airgead SRDP (Prògram Leasachadh Dùthchail na h-Alba) (timcheall air £38m). Tha £19.2m a bharrachd de Mhaoin Iomadh-Taobhach an dè bhith air a thoirt gu 7 LAGan sa Ghàidhealtachd ‘s na h-Eileanan ag aithneachadh an inbhe a bha aca mar sgìrean DISADVANTAGED agus iomallach. Tha na LAGs a maoineachadh pròiseactan a tha a tighinn bhon choimhearsnachd agus a tha buannachdail dhan choimhearsnachd. ‘S e com-pàirteachas a tha sna LAGs le riochdairean bhon roinn phoblach, prìobhaideach agus saor-thoileach, buidhnean coimhearsnachd agus riochdairean bhon òigridh.

Tha 20 LAG a-toirt a-steach mu 95% de sgìrean dùthchail na h-Alba le ro-innleachdan leasachadh dùthchail aig àrd-ìre. Chithear mapa de sgìrean LAG ann an seo agus gheibhear ceanglaichean chun a chuid as motha de LAGs air an duilleag ‘Ceanglaichean’ againn.

LEADER Innse Gall

 

Our Partners

 

LEADER Logo
Comhairle nan 

Eilean logo
Scottish Government logo

EU Agricultural Fund logo

 

 


You are here  :

Who's Online

We have 3 guests online